Mar as àbhaist, chaidh an sgoil a riochdachadh aig Deasbad
Nàiseanta BT Gàidhlig ann an Steòrnabhagh.
Am-bliadhna-sa, bha Gàidhlig Dhùn Èideann ga riochdachadh le Fionnlagh
Cunniffe agus Raonaid Gracie on Chòigeamh Bliadhna agus ‘s math rinn iad ged a
fhuair iad a’ bhròg o na britheamhan anns a’ chiad chuairt.
‘S e am moladh a bha aca, “Tha leasanan còcaireachd dhan a
h-uile sgoilear nas cudromaiche na leasanan spòrs.” B’ fheudar dhaibh a dhol an
aghaidh an t-seasaimh sin ge-tà, rud a bha gu math inntinneach airson Raonaid
mar nighean tidseir eaconamas dachaigh!
Bha deasbad gu math faisg ann le Acadamaidh Hazlehead à Obar Dheathain
agus ged a fhuair Fionnlagh tòrr moladh on luhd-èisteachd airson co-dhùnadh a
rinn e suas air an spot, bha na britheamhan a’ coimhead son rudeigin eile agus
fhuair Obar Dheathain troimhe.
An ath latha, fhuair iad an cothrom tadhal air Sgìre Nis
còmhla ri Dòmhnall MacSuain on program teilidh, “Co-fharpaisean Chon-Chaorach”
agus dh’inns e dhaibh mu dheidhinn dualchas is eachdraidh na sgìre. Thadhail
iad air Comunn Eachdraidh agus air an taigh-sholais aig Rubha Robhanais agus
air lot Dhòmhnaill, ged nach robh obair rùsgaidh no dupadh ri dhèanamh, ged a
choinnich iad cearc is caora.
Rinn Fionnlagh agus Raonaid mòran charaidean ùra cuideachd
air an oidhche aig ceilidhean agus chord an turas air fad riutha. Taing do Mhgr Stiùbhart airson an toirt ann.
Bidh an iar-chuairt-dheireannach agus cuairt-dheireannach de
Dheasbad BT Alba gan cumail anns a’ bhaile seo fhèin air 26 is 27 den t-Samhain,
‘s e Sgoil MhicNeacail, Sgoil Bhagh a’ Chaisteil, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus
Sgoil Lionacleit a rainig an ìre sin.. Feuch gun tèid thu, do phàrantan no do
phàistean ann airson an tachartas iongantach seo.
Rachel Gracie and Finlay Cunniffe from S5 boldy represented
the school at the BT National Gaelic Debates and were very unlucky to go out in
the first round. They spent the next day in Ness learning about the history of
the area. They enjoyed the trip and made many good friends. The final rounds of the debate will be held
in Edinburgh itself on 26 & 27 November.DEASBAD BT ALBA