Friday 12 December 2014

Còcaire na bliadhna

Tha a' chiad bhliadhna air a bhith a' sgrìobhadh reasabaidhean mar phàirt den aonaid a tha iad a' dèanamh air òrdughan is gnìomhairean.  Bha cothrom aca reasabaidhean a thaghadh air an robh iad measail agus iad sin a chur gu Gàidhlig.  Chunnaic sinn measgachadh mòr is farsaing sa chlas agus bha sinn fortanach gu leòr gun tug aon ghaisgeach a' flapjack aige a-steach dhan chlas airson 's gum faigheadh sinn cothrom am biadh a bhlasadh, a bharrachd air an reasabaidh a leughadh.  Saoil an tèid againn fhìn air a dhèanamh aig an taigh - bha e uabhasach blasta!

Flapjack teòclaid le Calum Iain Moireach

S1 have been busy in class writing their recipes as part of the 'Orders' unit.  Calum Iain Murray even went to the trouble of bringing in a sample of his recipe to share with the class!  This delicious recipe will surely be getting tried out by some other members of the class (including the teachers) given how tasty it was.


Thursday 4 December 2014

Deasbad BT Alba le Mikaela


Ghabh mi fhein is Catriona NicGriogair pàirt ann an Deasbad Naiseanta BT am bliadhna-sa ann an Steòrnabhagh is Dun Eideann. Bha a’ chiad ’s an dàrna chuairt ann an Leòdhas agus bha sinne a’deasbad mu dheidhinn phrògraman còcaireachd is bèicearachd is an t-siostam foghlam a th’againn. Fhuair sinn troimhe don iar-chuairt deireanach ann an Ionad nan Sgeulachdan ann an Dùn Eideann.

Thug an deasbad oirnn ar sgillean labhairt a chleachdadh is bha feum agam rannsachadh a dhèanamh gu mionaideach ann ùine gu math goirid. Dh’iarr e cuideachd oirnn obrachadh air ar ceasnachadh. 

Cha robh sinn riamh air deasbad sam bith a dhèanamh is mar sin bha e gu math inntinneach fhaicinn mar a bha e ag obair agus mar a bha sgoiltean eile a’ deasbad. Bha ìre gu math àrd ann agus bha feum again a bhith ag amas air a sin. Cha robh sinn idir an dùil dhèanamh cho math ’s a rinn sinn. 

A bharrachd air an adhartachadh a rinn sinn a thaobh ar sgillean, thug e cuideachd cothrom dhuinn coinneachadh ri tòrr dhaoine ur bho air feadh na dùthca.
Chòrd e rinn glè mhath agus tha sinn an dòchas tilleadh an ath bhliadhna ma ’s urrainn dhuinn.

Mikaela Carmichael gives an account of her debate experience.  Both she and Catriona thoroughly enjoyed the experience.  They were pushed hard in terms of their debating and researching skills, and were very successful despite their inexperience.  Meeting young Gaels from across the country was a particular highlight and opened their eyes to the growth of the language among young people.  They both hope to get a chance to go one better next year and make it to the final!