Thursday 3 September 2015

Pròiseactan Ùra

Tha sinn an sàs ann am mòran phròiseactan inntinneach am bliadhna.

Tha Ann Paterson, Oifigear Leasachaidh Dhùn Eideann, air a bhith a' cumail taic mhòr rinn bho thòisich i na dreuchd.  'S iomadh tachartas agus cothrom a tha i a' cur air dòigh. 

Bidh Georgia Young a bha na sgoilear an seo a' tighinn dhan sgoil airson obrachadh mar neach-taic sa chlas tron t-seachdain.  Bidh Georgia cuideachd a' dèanamh chlasaichean Taekwondo le sgoilearan às dèidh na sgoile. 

Tha Ann air 'buddy-up' a thòiseachadh le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bidh deichnear sgoilearan bho JGHS a' coinneachadh ri deichnear a SGG is cothroman aca cuirm-ceist, go-karting agus mòran rudan eile a dhèanamh.

A bharrachd air a sin, tha sinn a' cuideachadh Leabhar Lann Nàiseanta na h-Alba ann a bhith a' cruthachadh goireas airson ionnsachadh mu sheann bhàrdachd na Gàidhlig agus bidh guthan ar sgoilearan ri chluinntinn air na clàraidhean a thig an lùib nan stuthan a tha iad a' foillseachadh.

Agus mu dheireadh, tha oileanach bho Oilthigh Dhun Eideann airson rannsachadh a dhèanamh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ceann shuas na sgoile, is bidh i a-staigh ag obrachadh le S5-6 a dh'aithghearr.

___________________

We are involved in many new projects this year, here is a brief summary:
- We would like to welcome Ann Paterson, our new Development Officer.  Ann has been a tremendous help to us already and has arranged for former pupil Georgia Young to work as a classroom assistant during the week as well as offering Taekwondon classes!  We are also involved in a buddy-up scheme with Glasgow Gaelic School for S2, where pupils will meet up throughout the year to take part in a range of activities.
- The National Library of Scotland have asked us to contribute to a poetry resource they are creating in which our pupils voices will be heard reciting the poems being used.
- A PhD student from Edinburgh University will also be carrying out research with S5-6 on Gaelic Medium Education

Tha sinn beò...

Duilich nach do sgrìobh sinn mòran an seo bho chionn goirid.  Tha sinn uile a' fàs cleachdte ri bhith air ais san sgoil!

Bha deireadh teirm air leth inntinneach agus spòrsail againn am bliadhna-sa:

- Thàinig Eoghan MacEanruig bhon chòmhlan Mànran dhan sgoil airson coinneachadh ris an dara bhliadhna.  Chuir na sgoilearan ceistean air Eoghan is bha iad fortanach gun tug e leis fhidheall is fhuair sinn port no dha cuideachd! (we were treated to a visit by Ewan Henderson from Manran, with a question and answer session followed by a few tunes!)

 

- Rinn S2 an Taghadh acasan mar phàirt dhen chùrsa Nuadh-Eòlas is seo na buill pàrlamaid a' bruidhinn ri na bhòtairean (clas S1) (S2 Mock Elections took place)





- Chòrd an turas dhan Eilean Sgitheanach ris a h-uile duine, ged a bha Mgr Neithercut a' fàs fada ro dheidheil air an t-sabhs! (Mr Neithercut hitting the sauce in Skye)