Saturday 19 December 2015

A' coinneachadh ri na h-urracha mòra - Meeting the MSPs


Bha sinn air ar dòigh fiathachadh fhaighinn bho MG Alba a thighinn dhan phàrlamaid airson foillseachadh 'Lèirsinn'.  Tha MG Alba air planaichean a chruthachadh airson an àm ri teachd, is dh'iarr iad air na nigheanan a bha an sàs ann am FilmG tighinn, far an do choinnich iad ri muinntir MG Alba, Buill Pàrlamaid is luchd-riochdachaidh bho bhuidhnean eile.  Chualas mu na 'ro-innleachdan' aig MG Alba agus na tha fainear dhaibh a-thaobh daingeachadh sheirbhisean agus mar sin air adhart.  Bha a h-uile duine a bha an làthair a' moladh modh agus Gàidhlig ar sgoilearan.  Cha chuireadh e iongnadh orm cuid aca fhaicinn ag obair sa phàrlamaid aon latha!

Many thanks to MG Alba for inviting us along to the launch of Lèirsinn (the document detailing their plans and strategies for the years to come).  The FilmG girls represented the school extremely well and were very much at home mixing it with the various representatives present.

Seirbhis Nollaig - Christmas Service

Mìle taing do Bhunsgoil Taobh na Pàirce airson na seirbhis air Dihaoine.  Bha e na thlachd dhuinn uile tighinn còmhla mus tèid sinn uile air saor-làithean.  Bha an luchd-ciùil agus na leughadairean sònraichte math.

Many thanks to TnaP for the Christmas service at Greyfriars on Friday.  It was nice to congregate before we all go off on holiday.  

Wednesday 2 December 2015

Fèill Nollaig - Christmas Fair



Bidh Fèill Nollaig aig Bun sgoil Taobh na Pàirce, Disathairne 5 Dùbhlachd, 1-3f.
An dòchas ur faicinn ann!

Christmas Fair at Taobh na Pàirce Primary School, Saturday 5 December
, 1-3pm.
Hope to see you there!