Friday 17 June 2016

A' teannadh air deireadh na teirm / Approaching the end of another school year!



Abair bliadhna thrang a th' air a bhith againn: deuchainnean, clàr-ama ùr, cuspairean ùra tro mheadhan na Gàidhlig...liosta fada gu dearbh.

A-measg nan tachartasan as inntinniche, bha turas air leth againn dhan phàrlamaid far an d'fhuair sinn cuairt san togalach leis an Oifigear Gàidhlig Alasdair MacCaluim.  Dh'innis Alasdair dhuinn mu eachdraidh an togalaich, na rudan a bhios a' tachairt ann agus mun fheadhainn a tha nan suidhe san t-seòmar deasbaid.

A bharrachd air a sin, chuir FilmG farpais na bliadhna air bhog san sgoil againn, is fhuair cuid dhe na sgoilearan againn cothrom a dhol an sàs ann am bùithtean-obrach drama, aithris-spòrs agus filmeadh le fòn-làimhe.  Tha sinn air ar dòigh glan gun deach Ardsgoil Sheumais Ghilleasbuig a thaghadh airson an tachartas seo.

Tha Mgr N. a' dèanamh deiseil airson turas dhan Eilean Sgitheanach agus tha sinn uile an dòchas gum bi deagh shìde ann, agus nach bi na meanbh-chuileagan ro fhiadhaich!

As we approach the end of another school year, we are beginning to reflect on the many successes we have had, including the trip to the Parliament and the FilmG launch.  We are also getting ready for another trip to Skye - fingers crossed for good weather!

Monday 25 April 2016

Cruinneachadh - Assembly

Bidh Cruinneachadh Gàidhlig againn san sgoil madainn Dihaoine.  Bidh S1-4 an làthair agus bidh sinn a' meòrachadh air a' bhliadha shoirbheachail a th' air a bhith againn agus cuideachd a' coimhead ris a' bhliadhna air fàire.

There will be a Gaelic Assembly on Friday morning in the Forum, Malala Building for S1-4.  We will be reflecting on what has been a very successful year, as well as looking ahead to future opportunities.

Wednesday 16 March 2016

Shrapnel



Shrapnel Lèirmheas
A-raoir, chaidh naoinear againn dhan Storytelling Centre anns a bhaile mhòr gus an dealbh-cluich ùr ‘Shrapnel’ fhaicinn. Bha e stèidhichte ann an Lìte, ‘s e a’ leantainn beatha a’ phrìomh charactar  MacLugran  ’s e an sàs ann am muirt diomhaireach. Le cleasaichean glè ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal, bha dùil againn gum biodh e sgoinneil. Choilean e an dùileachadh sin gun teagamh.  Wow, bha e dìreach mìorbhaileach!
Choinnich sinn cuideachd ris an sàr-chleasaiche Iain Macrae aka Tormod bho Bannan aig an after-party/meet and greet!!! Nach sinn a bha fortanach!! #Tormod #selfie
(ok, ’s mathaid nach eil am pios seo buileach fìor…)

Chòrd an dealbh-cluich rinn gu mòr, chanainn gur e an dealbh-cluich a b’fhearr a chunnaic sinn. Bha e uabhasach buntainneach dhuinn air sgath ’s gun robh e stèidhichte ann an Dùn Èideann.
Amy Kerr & Cara Nic Lusgaidh


Guest bloggers Amy and Cara give a review of the play 'Shrapnel' which they saw, along with some other JGHS pupils, at the Story Telling Centre.  They thoroughly enjoyed the play which explored the dark and murky world of the Edinburgh underworld.  They were also busy celebrity spotting...

Thursday 25 February 2016

Oidhche nan Duaisean - The Award Ceremony le Sìne NicGriogair



FILM G        
    
                                                           
Air ais anns an Damhair, bha an cothrom aig sianar againn bhon treas bhliadhna fiolm proifeiseanta a dhèanamh le taic bho FilmG. Ged a bha e uabhasach spòrsail aig an àm, cha robh dùil againn gum biodh dad mòr a’ tighinn as. Cha robh dùil a riamh againn gun deidheadh sinn fiù ’s ainmeachadh ach coimheadaibh dè thachair! Rinn sinn am film airson ar sgilean Gàidhlig agus drama a leasachadh, ach fhuair sinn dhan Old Fruitmarket ann an Glaschu airson oidhche uabhasch spaideil gu dearbh.

Chaidh ar suidhe aig bòrd leinn fhìn, le sealladh sgoinneil air an stèids. Dh’fhairich sinn uile an àile, a bha mar dealain. Chuidich e gun robh sinn uile a faireachdain leòmach sna dreasaichean againn. Chòrd e rinn uile gun robh an cothrom againn leigel le ar dreasaichean solas an latha fhaicinn!
Thòisich an oidhche le rud beag aithris bho na preasantairean, le deise agus dreasaichean a theab ar dèanamh dall! Chuala sinn cuideachd bho Alasdair Allan, a dh’innis dhuinn mu an luach mhòr a th’aig ar cànan. Aig deireadh na h-aithris aige, chuala sinn ainm ar film, ‘An Tè Uaine’ agus Àrd Sgoil Sheumais Gilleasbuig! Cha robh fios againn dè bha tachairt, ach mar a dh’ionnsaich sinn, bhuannaich sinn an duais airson Gàidhlig as fhèarr. ‘S e a chiad duais a bh’ann, mar sin cha robh fios againn dè dhèanadh sinn. Shuidh sinn anns na seathraichean againn agus mu dheireadh thall, chaidh sinn suas air an stèids agus leugh a h-uile tè againn a-mach ar n-òraid, dìreach mar a rinn sinn a h-uile càil anns am fhilm – còmhla. 

A’ coimhead air ais, bha sinn uabhasach fortanach gun d’fhuair sinn ar duais aig toiseach na h-oidhche, or b’urrainn dhuinn suidhe air ais aig fois, a’ coimhead air na fiolmaichean agus an còrr den oidhche sgoinneil. 

Le Sheena ‘Khamoon’ NicGriogair

Thanks to Sheena MacGregor for her report on the FilmG Awards Ceremony.  The girls really enjoyed the occassion, which seems to have been a very glamarous affair.  Thanks also to Catriona Gracie for taking the girls and supervising!

Monday 22 February 2016

Duais Ghàidhlig Film G - FilmG Gaelic Prize

Uill, abair gu bheil sinn air ar dòigh!  Chaidh an duais seo a bhuileachadh air nigheanan na treas bliadhna oidhche 'haoine is tha sinn uile gu math moiteil asta.  Cluinnidh sibh bhon sgioba fhèin mu chuirm nan duaisean is mar a chaidh dhaibh a dh'aithghearr!

We are delighted to announce - if you hadn't heard already - that the girls below (and Erin) were awarded the FilmG Gaelic Prize.  Report from the girls to follow...

Friday 29 January 2016

Geàrr Liostaichean - Shortlists

Tha sinn toilichte innse dhuibh gun deach am fiolm againn 'An Tè Uaine' a chur air a' gheàrr-liosta son 'Duais na Gàidhlig'.  Tha sinn air ar dòigh glan mu dheidhinn agus tha sinn cinnteach gun còrd oidhche nan duaisean ri na caileagan.

We are pleased to inform you that the S3 Girls' film 'An Tè Uaine' has made the FilmG shortlist for the Gaelic prize.  We are delighted for them and are looking forward to seeing the photos from the awards!

http://filmg.co.uk/en/films/filmg2016/winners-shortlists/youth


Monday 11 January 2016

FilmG - Bhòtaibh! Vote for our FilmG projects!





Chithear na filmichean againn air làrach FilmG a-nis.  Rinn na sgoilearan oidhirp mhìorbhaileach agus tha iad air leth toilichte leis na rinn iad.

Nach bhòt sibh air an son, feuch am faigh iad duais airson an cuid oidhirp!

http://filmg.co.uk/en/films/1218/
 http://filmg.co.uk/en/films/1294/


Please take a moment to have a look at our FilmG entries this year.  The students spent a lot of time making these excellent films and would very much appreciate a vote!