Friday 17 June 2016

A' teannadh air deireadh na teirm / Approaching the end of another school year!



Abair bliadhna thrang a th' air a bhith againn: deuchainnean, clàr-ama ùr, cuspairean ùra tro mheadhan na Gàidhlig...liosta fada gu dearbh.

A-measg nan tachartasan as inntinniche, bha turas air leth againn dhan phàrlamaid far an d'fhuair sinn cuairt san togalach leis an Oifigear Gàidhlig Alasdair MacCaluim.  Dh'innis Alasdair dhuinn mu eachdraidh an togalaich, na rudan a bhios a' tachairt ann agus mun fheadhainn a tha nan suidhe san t-seòmar deasbaid.

A bharrachd air a sin, chuir FilmG farpais na bliadhna air bhog san sgoil againn, is fhuair cuid dhe na sgoilearan againn cothrom a dhol an sàs ann am bùithtean-obrach drama, aithris-spòrs agus filmeadh le fòn-làimhe.  Tha sinn air ar dòigh glan gun deach Ardsgoil Sheumais Ghilleasbuig a thaghadh airson an tachartas seo.

Tha Mgr N. a' dèanamh deiseil airson turas dhan Eilean Sgitheanach agus tha sinn uile an dòchas gum bi deagh shìde ann, agus nach bi na meanbh-chuileagan ro fhiadhaich!

As we approach the end of another school year, we are beginning to reflect on the many successes we have had, including the trip to the Parliament and the FilmG launch.  We are also getting ready for another trip to Skye - fingers crossed for good weather!