Wednesday 16 March 2016

Shrapnel



Shrapnel Lèirmheas
A-raoir, chaidh naoinear againn dhan Storytelling Centre anns a bhaile mhòr gus an dealbh-cluich ùr ‘Shrapnel’ fhaicinn. Bha e stèidhichte ann an Lìte, ‘s e a’ leantainn beatha a’ phrìomh charactar  MacLugran  ’s e an sàs ann am muirt diomhaireach. Le cleasaichean glè ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal, bha dùil againn gum biodh e sgoinneil. Choilean e an dùileachadh sin gun teagamh.  Wow, bha e dìreach mìorbhaileach!
Choinnich sinn cuideachd ris an sàr-chleasaiche Iain Macrae aka Tormod bho Bannan aig an after-party/meet and greet!!! Nach sinn a bha fortanach!! #Tormod #selfie
(ok, ’s mathaid nach eil am pios seo buileach fìor…)

Chòrd an dealbh-cluich rinn gu mòr, chanainn gur e an dealbh-cluich a b’fhearr a chunnaic sinn. Bha e uabhasach buntainneach dhuinn air sgath ’s gun robh e stèidhichte ann an Dùn Èideann.
Amy Kerr & Cara Nic Lusgaidh


Guest bloggers Amy and Cara give a review of the play 'Shrapnel' which they saw, along with some other JGHS pupils, at the Story Telling Centre.  They thoroughly enjoyed the play which explored the dark and murky world of the Edinburgh underworld.  They were also busy celebrity spotting...